Tha Mairilìne a' call a bòtainn sa bhoglach agus i a' buain mhònadh. Tha Seòrdag agus Òisgeag a' feuchainn ri shlaodadh às a' bhoglach agus tha iad a' lorg creutair làn puill ceangailte ris. Tha iad ga thoirt gu Mairilìne airson a ghlanadh, 's gun iad a' tuigsinn na trioblaid a bhiodh an creutair seo ag adhbhrachadh dhaibh.